Mion-chànain, Cànain dùthchasach agus air bheag-chleachdadh

’S e Riaghaltas na Cuimrigh a tha os cionn mion-chànain, cànain dùthchasach agus air bheag-chleachdadh.

Tha dualchas cànanach luachmhòr gach Rianachd de Chomhairle Bhreatainn is Èireann cudromach do chultar nan eilean seo. Mar aithne air ar miann taic a chur ri mion-chànain, cànain dùthchasach agus air bheag-chleachdadh (cànain IML) chaidh an cuspair seo a chur ri raoin-obrach Chomhairle Bhreatainn is Èireann aig an treas àrd-choinneamh anns an Òg-mhios 2002.

Bidh dlùth-aire na buidhne air Gàidhlig na h-Èireann, Cuimris, Gàidhlig, Albais, Albais Ulaidh, Gàidhlig Mhanainn, Deàrsaidhis, Geàrnsaidhis agus Còrnais.

Bidh an raon obrach ag aithneachadh agus a’ sgaoileadh nan dòighean obrach as fheàrr eadar na rianachdan agus coimhearsnachdan far a bheil cànain IML. Aig an treas coinneamh mhinisteireil ann an Cardiff air 24 Dàmhair 2014, dh’aontaich Ministearan gum biodh fòcas a’ phrògram airson obair a thoirt air adhart ann an 2015-16 air:

Cànain IML a theagasg do dh’inbhich;
margaideachd agus atharrachadh ann an dòighean cleachdaidh a thaobh cànain IML;
na h-ealain agus cànain IML;
teicneòlas agus na meadhanan didseatach;
an eaconomaidh; agus
coimhearsnachd

A bharrachd air coinneamhan bitheanta de dh’oifigearan, tha an raon obrach air co-chonaltraidhean a chur air dòigh far am faod luchd-obrach poileasaidh agus luchd-cleachdaidh na dòighean obrach as fheàrr a sgaoileadh am measg dhaoine a tha ag obair anns an raon obrach cànain IML. Tha fòcas aig gach co-chonaltraidh air earrann eadar-dhealaichte de dhleastanasan na raoin obrach. Bha co-chonaltradh anns an t-Samhainn 2012 a’ coimhead air mar a ghabhadh cànain IML am brosnachadh tro fhoghlam tràth bhliadhnaichean. Gheibhear taghadh bho thaisbeanaidhean na co-chonaltraidh gu h-ìosal. Bha co-chonaltradh anns an t-Samhainn 2013 ann an Dùn Èideann air deagh chleachdaidhean ann an reachdas agus poileasaidh a thaobh cànain IML – faodar tuilleadh fiosrachadh fhaotainn an seo

 

Chaidh toraidhean gach co-chonaltradh a sgrùdadh aig an treas coinneamh mhinisteireil den raon obrach ann an Cardiff, Prìomh Mhinistear na Cuimrigh, An Fhìor Urr Carwyn Jones AM. Seo fiosrachadh oifigeil na coinneamh seo:

2nd Ministerial Meeting - 24 October 2014

1st Ministerial Meeting - 11 November 2011